|
Lyric provided by www.seekalyric.com |
Latha Math air an Eilean Chorus Latha math air an Eilean Eilean Leòdhais mo Ghràidh Latha math air an Eilean Dachaigh mo smuaintean gu bràth Verse 1 Ag èirigh tràth anns a’ mhadainn A’ ghrian a’ deàrrsadh sìos Tha àile na mara a’ tighinn tron uinneig Tha h-uile duin’ an àirde Verse 2 Tha an abhainn làn le pailteas uisge Tha am bradan a’ tighinn a-rithist Tha na balaich bheaga shios air an drochaid Feuch an glac iad aon no dhà Verse 3 Tha an t-Earrach ann ’s na làithean fada Tha na h-uain a’ ruith mun cuairt Tha na bodaich a-muigh a’ buain na mònach Tha an t-àm sin air tighinn a-rithist Verse 4 Tha a’ ghealach shuas ’s a’ ghrian na cadal Tha an oidhche nis air tighinn Tha e sàmhach is ciùin tron an Eilean Tha e math a bhith beò Tha e math a bhith beò |